Gaelic version of the consultation and related documents

Proposed Schools (Residential Outdoor Education) (Scotland) Bill

TAR-SHEALLADH AIR FREAGAIRTEAN

 

Geàrr-chunntas air freagairtean Smart Survey:

 

Uile gu lèir, fhuaras 535 freagairt tro Smart Survey, agus chuir ceithir buidhnean am beachdan a-steach air post-d.

 

Faodar freagairtean Smart Survey a sheòrsachadh mar a leanas:

 

Buidhnean:

·       Thuirt 30 (58% de na freagairtean bho bhuidhnean) gur b’ e buidhnean treas roinne a th’ annta;

·       bha 11 (21%) bho bhuidhnean san roinn phoblaich;

·       bha 7 (12%) bho bhuidhnean coimeirsealta;

·       bha 3 (6%) bho bhuidhnean riochdachail, agus

·       bha 2 (4%) bho sheòrsa buidhne eile.

 

Daoine fa leth:

·       Thuirt 146 (30% de na freagairtean air fad bho dhaoine fa-leth) gur b’ e tidsearan no luchd-obrach sgoile a bh’ annta;

·       bha 126 (25%) bhon phoball san fharsaingeachd;

·       bha 97 (21%) bho phàrantan no luchd-cùraim;

·       bha 78 (16%) bho phroifeiseantaich le eòlas buntainneach;

·       bha 15 (3%) bho sholaraichean seirbheisean còmhnaidh a-muigh san treas roinn, san roinn phrìobhaidich no bho ùghdarras ionadail;

·       bha 10 (2%) bho sgoilearan no oileanaich;

·       bha 6 (1%) bho acadaimigich le eòlas buntainneach;

·       bha 3 (1%) bho luchd-obrach ùghdarras ionadail ann an raon eile, agus

·       bha 2 (1%) bho luchd-poilitigs.

 

Bha cuideachd

 

  • 169 (32%) freagairtean, san do dh’iarr an neach-freagairt nach deigheadh an ainm innse, agus,

  • 45 (8%) san do dh’iarr an neach-freagairt nach deigheadh an fhreagairt fhoillseachadh.

Geàrr-chunntas air freagairtean nach robh air Smart Survey

 

A-mach às na ceithir freagairtean nach do rinneadh air Smart Survey, chomharraich YouthLink Scotland, a’ bhuidheann nàiseanta airson obair òigridh, gun robh iad a’ toirt taic do phrìomh amas a’ bhile a chaidh a mholadh, agus thuirt an carthannas Connect, a tha a’ toirt taic do chom-pàirteachadh phàrantan ann am foghlam gun robh iad air suirbhidh a dhèanamh air a’ mholadh leis na buill aca, agus gun tuirt 98% den 322 neach-fhreagairt gun robh iad airson “gum faigheadh am pàiste aca eòlas air foghlam còmhnaidh air a sholarachadh tron sgoil aca”.

 

Bha SAPOE, (Pannal Comhairleachaidh na h-Alba airson Foghlam A-muigh) neo-phàirteach air a’ chiad cheist agus, leis nach robh e comasach dhaibh co-chomhairle a chumail ris a’ Bhòrd Cloinne is Dhaoine Òga air sgàth nan taghaidhean ionadail, thuirt COSLA na phost-d nach b’ urrainn dhaibh taic a thoirt don mholadh no cur na aghaidh.

 

Tar-shealladh

Mar a chaidh a chomharrachadh gu h-àrd, bha 535 freagairt ann don Smart Survey a bha an cois na sgrìobhainn co-chomhairle, le 60 a’ tighinn bho bhuidhnean agus 476 bho dhaoine fa-leth.

 

Dhiubh sin, thuirt 510 (beagan a bharrachd air 95%) gun robh iad a’ cur taic ris a’ mholadh: 457 gu h-iomlan, agus 54 ann am pàirt.

 

Ann an grunn chùisean, rinn an fheadhainn nach tug seachad taic iomlan sin air sgàth, ged a chuir iad taic ri beachd a’ mholaidh san fharsaingeachd, gu robh cuid de raointean ann a bha iad a’ faireachdainn a bu chòir an ath-bheachdachadh no an leasachadh.

 

Ghabh iad sin a-steach an raon-aoise sgoilearan a chaidh a mholadh air a bheil am bile ag amas (aois 12 gu 16). Shaoil grunnan gur dòcha gun robh an raon-aoise seo ro chumhang, agus gum bu chòir a leudachadh gus clann ann am bun-sgoiltean a ghabhail a-steach, gu sònraichte sgoilearan BS6 agus  BS7.

 

Ach, a thaobh seo, bu chòir toirt fa-near gun robh beagan a bharrachd air an dàrna leth den luchd-fhreagairt (53%) ag ràdh gu robh iad “làn thaiceil” don raon 12 gu 16 a chaidh a mholadh, le mòran ag ràdh gur e seo an t-àm as fheàrr ann am beatha sgoile dhaoine òga airson seo a dhèanamh.

 

Mholadh an toiseach gum biodh a’ chòir reachdail air eòlas foghlaim a-muigh cuingealaichte ri sgoilearan ann an sgoiltean ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean a gheibh taic-tabhartais. Chuir beagan a bharrachd air 48% taic ri seo, 196 gu h-iomlan agus 61 ann am pàirt. Bha timcheall air 25% aig nach robh beachd taobh seach taobh air a’ chùis seo. Am measg nan draghan a thogadh, chaidh a thoirt fa-near gum faodadh cuid de sgoilearan ann an sgoiltean neo-eisimeileach/prìobhaideach a bhith a’ faighinn bursaraidh no sgoilearachd agus, mar sin, gur dòcha nach b' urrainn am pàrantan pàigheadh airson eòlas-còmhnaidh sam bith a chuireadh na sgoiltean sin air dòigh.

 

Dh’fhaighnich cuid den luchd-fhreagairt mu na ghabhadh dèanamh do sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach am biodh a’ choir aca air eòlasan a tha gu sònraichte sa Ghàidhlig agus/no a bhith air an teagasg le oidean le Gàidhlig. Thuirt mòran den luchd-fhreagairt sin, ge-tà, gu bheil goireasan mar seo glè ghann an-dràsta. Cha do rinn a’ cho-chomhairle gealladh sam bith mun chùis seo.

 

Am measg nan draghan eile a chaidh a thogail bha: mar a dh’fhaodadh càileachd an fhoghlaim a-muigh a bhith air a ghealltainn, am biodh maoineachadh agus goireasan gu leòr ann gus am moladh a chur an gnìomh gu h-iomlan agus am biodh buaidh aig a’ bhile seo, nan deigheadh a chur an gnìomh, air solar sheirbheisean eile a bhios sgoiltean a’ lìbhrigeadh.

 

Mar fhreagairt do cheistean eile san t-suirbhidh, chuir mu 88% den luchd-fhreagairt taic gu h-iomlan no ann am pàirt ris a’ mholadh airson frèam-obrach càileachd gus dèanamh cinnteach à càileachd solar foghlaim ionadan a-muigh, thug 82% taic don mholadh gum bu chòir an dleastanas gus dèanamh cinnteach gun tèid foghlam còmhnaidh a-muigh a thoirt seachad tuiteam air an fheadhainn air a bheil uallach airson an solar a chur air dòigh, agus bha beagan a bharrachd air 63% den bheachd gum bu chòir maoineachadh airson solar a’ mholaidh a phàigheadh gu h-iomlan le Riaghaltas na h-Alba, le 11% a’ moladh gum bu chòir do riaghaltas ionadail a bhith cunntachail airson seo, àireamh coltach ris a’ moladh gum bu chòir pàrantan/luchd-cùraim tabhartas a thoirt seachad ann an dòigh air choireigin.

BEACHDACHADH BUILL

 

An toiseach, bu mhath leam taing a thoirt don a h-uile duine, daoine fa-leth agus na buidhnean air fad, airson pàirt a ghabhail anns a’ cho-chomhairle air a’ Bhile Bhall a tha mi a’ moladh a tha ag amas air làn-chòir a thoirt do dhaoine òga ann an Alba air eòlasan-còmhnaidh a-muigh.

 

Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt don luchd-obrach aig Aonad Bilean Neo-Riaghaltais Pàrlamaid na h-Alba airson na comhairle agus taic a thug iad seachad tron phròiseas seo.


Tha e soilleir bho na 539 freagairtean a fhuair mi gu bheil taic air leth ann dhan reachdas a tha ga mholadh. Thug còrr is 95% de dhaoine fa leth agus de bhuidhnean taic iomlan no taic ann am pàirt don Bhile a tha mi a’ moladh.

 

Tha an ìre seo de thaic na bhrosnachadh mòr. Tha dìoghras agus meòrachadh nam freagairtean, mòran dhiubh gu math pearsanta, a’ nochdadh dhòmhsa gu bheil aonta soilleir ann gu bheil an reachdas seo riatanach agus gum bi e gu math buannachdail do dhaoine òga air feadh na h-Alba.

 

Chruinnich a’ cho-chomhairle fiosrachadh bho bhuidhnean eadar-dhealaichte de luchd-ùidh, agus cleachdaidh mi am fios-air-ais gus mo cho-dhùnaidhean a stiùireadh mun Bhile a tha ga mholadh. 

 

Air sgàth nam beachdan a fhuaras, seallaidh mi a-rithist air na cùisean a leanas a chaidh a thogail tron phròiseas co-chomhairle:

 

·       Is e clann aois 12 gu 16 an raon-aoise a tha ga mholadh sa Bhile an-dràsta. Shaoil mòran gum bu chòir seo a leudachadh gu bhith a’ toirt a-steach ceann shuas na bun-sgoile, gu sònraichte BS6 agus BS7. A dh’aindeoin gun robh 53% den luchd-fhreagairt a’ toirt taic don raon aoise 12-16, chan eil mi leigte mu seo agus tha mi ag aontachadh gum faodadh mòran bhuannachdan a bhith an lùib an reachdas a leudachadh gus clann aig ceann shuas na bun-sgoile a ghabhail a-steach. Chan e a-mhàin an cothrom a bheireadh seo seachad airson eadar-ghluasad leasaichte thar cruinneachaidhean bhun-sgoiltean aig àm cudromach do chlann agus an deagh bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air fàs acadaimigeach agus pearsanta sgoilearan.

 

·       Mhol mi an toiseach gum biodh a’ chòir reachdail air eòlas foghlaim a-muigh cuingealaichte ri sgoilearan ann an sgoiltean ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean a gheibh taic-tabhartais. Bha seo stèidhichte air fianais fharsaing gu bheil sgoiltean neo-eisimeileach mar-thà a’ toirt seachad eòlasan còmhnaidh a-muigh, a’ gabhail a-steach sgoilearan air bursaraidhean. 

 

·       Iarraidh mi, ge-tà, tuilleadh stiùiridh bho roinn nan sgoiltean neo-eisimeileach agus gheibh mi tuilleadh comhairle air a’ chùis seo. Tha mi fhathast dealasach a thaobh dòigh a lorg gus na cothroman seo a thoirt seachad don a h-uile sgoilear, ge bith cò iad.

 

·       Faodaidh mi gealltainn don àireimh bhig de luchd-fhreagairt air an robh dragh mu dheidhinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san reachdas a tha ga mholadh gum beachdaich mi gu cùramach air mar a dhèiligear ris na cùisean a thog iad, gu sònraichte gainnead luchd-teagaisg Gàidhlig le teisteanas. Fhad ’s a tha mi a’ tuigsinn gur e dragh a tha seo do chuid sa choimhearsnachd Ghàidhlig, tha e soilleir gur e cùis nas fharsainge a tha ann a tha a’ toirt buaidh air an roinn a-muigh air fad ann an Alba. Tha an roinn seo na pàirt glè chudromach de dh'eaconamaidh agus cultar na h-Alba, agus tha e deatamach gu bheil na goireasan agus an taic aice a dh’fheumas i gus soirbheachadh. Tha mi taingeil do choimhearsnachd na Gàidhlig airson fiosrachadh luachmhor a thoirt seachad air a’ chuspair seo, agus tha mi an dòchas gun urrainn dhuinn obair còmhla gus fuasgladh fhaighinn air gainnead luchd-teagaisg le Gàidhlig agus na dùbhlain eile a tha mu choinneamh na roinne a-muigh air feadh na h-Alba.

 

·       Tha e na mhisneachd cluinntinn gun tug 88% den luchd-fhreagairt taic gu h-iomlan no taic ann am pàirt do leasachadh frèam-obrach càileachd ann an co-bhonn ri HMIE (Luchd-sgrùdaidh Foghlaim A Mhòrachd ann an Alba) agus an roinn eòlasan-còmhnaidh a-muigh. Tha an ìre taice seo a’ nochdadh miann làidir airson càileachd foghlaim eòlasan-còmhnaidh a leasachadh. Bha mòran ag iarraidh gum biodh eòlas-còmhnaidh ga fhighe nas dlùithe ri slighe an neach-ionnsachaidh, bho àiteachan ionadail gu àiteachan sònraichte, agus barrachd cuimseachaidh air ionnsachadh airson seasmhachd. Saoilidh mise gu bheil leasachadh frèam-obrach càileachd, mar a tha ga mholadh san reachdas seo, na cheum cudromach a dh’ionnsaigh an amais seo.

 

·       Tha mi a’ tuigsinn gu bheil cosgaisean, gu sònraichte san t-suidheachadh làithreach, nan adhbhar dragh dha mòran. Anns na freagairtean, bha 61% a’ faireachdainn gum faodadh cosgaisean dol am meud mar thoradh air an reachdas a chaidh a mholadh. Is e seo rudeigin a tha air leth cudromach dhòmhsa. Ach, mar a chaidh a thogail cuideachd le mòran den luchd-fhreagairt, tha mi cinnteach gum bi buannachdan fad-ùine an reachdais seo a thaobh slàinte is sunnd (slàinte inntinn is corporra leasaichte, barrachd sgilean sòisealta agus foghainteachd, agus ceangal nas fheàrr ri nàdar agus am blàr a-muigh) nan daoine òga nas motha na droch bhuaidhean sam bith.

 

·       A thaobh cò bu chòir pàigheadh airson an reachdais, shaoil a’ mhòr-chuid den luchd-fhreagairt (63%) san t-suirbhidh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a mhaoineachadh gu h-iomlan, agus bha àireamh na bu lugha (11%) den bheachd gum bu chòir do riaghaltas ionadail no pàrantan uallach a ghabhail airson maoineachadh. Aig a’ cheann thall, bidh an co-dhùnadh air mar a thèid am moladh seo a mhaoineachadh an urra ri Riaghaltas na h-Alba agus a’ Phàrlamaid agus bidh e fìor chudromach sna còmhraidhean agam leis a’ Mhinistear.

 

·       Bha 82% den luchd-fhreagairt a' saoilsinn gum bu chòir an dleastanas airson dèanamh cinnteach gum biodh foghlam còmhnaidh a-muigh air a sholarachadh a’ tuiteam orrasan le uallach airson an solar a chur air dòigh. Tha mi ag aontachadh le mòran den luchd-fhreagairt gur e oidhirp cho-òrdanaichte, gu h-àraidh aig ìre ùghdarras ionadail, an dòigh as fheàrr airson an reachdas seo a chur an gnìomh. Dh’fhaodadh gum bi feum air co-obrachadh roinneil cuideachd gus dèanamh cinnteach gum bi e air a chur an gnìomh gu h-èifeachdach agus gu tarbhach air feadh na h-Alba air fad. Is e cùis iom-fhillte a th’ ann air am bi mi a’ dèanamh tuilleadh conaltraidh agus a’ sireadh comhairle bho eòlaichean.


Bu mhath leam cuideachd mo thoileachas a chur an cèill mu leasachaidhean o chionn ghoirid ann am buidhnean reachdail eile. Gu sònraichte, tha mi a’ ciallachadh reachdas a thug Sam Rowlands AS a-steach sa Chuimrigh agus gluasadan coltach ris air a bheil cuid de BhP ann am Pàrlamaid na RA a’ beachdachadh. Tha an reachdas a thathar a’ moladh anns a’ Chuimrigh glè choltach ris an reachdas agam fhìn. Tha e na cheum air adhart deatamach agus tha mi toilichte gu bheil sinn ag obair còmhla.

 

Mu dheireadh, tapadh leibh a-rithist airson a bhith an sàs sa cho-chomhairle agus a’ toirt seachad beachdan luachmhor. Tha mi a’ gealltainn dhuibh gun dèan mi mo dhìcheall gus beachdachadh air ur draghan agus ur molaidhean agus sinn a’ gluasad air adhart sa Phàrlamaid leis an reachdas a tha ga mholadh.